Plana Gàidhlig: 2023 - 2028

Plana Gàidhlig: 2023 - 2028

Tha sinn dealasach a thaobh an àite as urrainn a bhith aig Coilltearachd na h-Alba ann a bhith a’ cur ri inbhe, cleachdadh agus togail na Gàidhlig, an dà chuid gus amasan Bhòrd na Gàidhlig a thoirt air adhart agus gus cuideachadh le cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha am plana ùr seo a’ toirt cothrom dhuinn sùil a thoirt air na tha sinn air coileanadh bho chaidh sinn nar Buidheann Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 agus gus na gealltanasan againn dhan Ghàidhlig airson nan còig bliadhna ri teachd a dhearbhadh.

Tha am plana seo ag amas air goireasan conaltraidh a chruthachadh thar nam prìomh raointean air a bheilear ag amas ann an Achd na Gàidhlig a’ gabhail a-steach:

  • a’ dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig ri fhaicinn agus gu bheil luach oirre 
  • gum bi cothrom aig luchd-obrach air trèanadh mothachadh Gàidhlig agus trèanadh ionnsachadh cànain fad beatha a’ phlana
  • a’ leasachadh ar tairgse Ghàidhlig am measg na gnìomhachasan, na coimhearsnachdan agus na daoine fa leth leis a bheil sinn ag obair

File Name

Plana Gàidhlig Coilltearachd na h-Alba 2023-2028.pdf

File Size

328.1 KB

File Type

application/pdf

Version

7


Related documents